George Orwell’s timeless novel Animal Farm, one of Time magazine’s 100 best English-language novels of all time, has been translated by Aonghas Pàdraig Caimbeul into Gaelic for the very first time. When the animals of Manor Farm revolt and take control from Mr Jones, they have hopes for a life of freedom and equality. However, when the pigs Napoleon and Snowball rise to power, the other animals discover that they may not be as equal as they had once thought. A tragic political allegory described by Orwell as being ‘the history of a revolution that went wrong’, this book is as relevant now – if not more so – as it was when it was first written.
Les mer
’S e an nobhail mhairsinneach aig Seòras Orwell, Animal Farm, aon de na 100 nobhailean Beurla as fheàrr a rèir na h-iris Time. A-nise tha tionndadh eireachdail againn bho Aonghas Pàdraig Caimbeul: a’ chiad leabhar le Orwell a chaidh eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig. Anns an sgeul, tha na creutairean a’ fàs seachd searbh dhen obair agus an dìol a tha am maighstir, Maighstir MacIain, a’ dèanamh orra. Tha iad a’ dèanamh aramach agus ga shadail a-mach, agus a’ ruith an àite dhaibh pèin mar co-chomann. Ach ann an ùine bheag tha na ceannardan – na mucan – a’ gabhail thairis agus a’ cleachdadh nan creutairean cumanta mar thràillean. Mar as motha a tha na creutairean dìleas ag obrachadh is ann as reamhra a tha na mucan mòra a’ fàs. Sgeul mu dheidhinn cumhachd is ana-caitheamh air cumhachd a tha cheart cho buntainneach nar latha fhèin agus a bha e nuair a sgrìobh Orwell e an toiseach anns na 1940an. Is treasa tuath na tighearna, ach dè mas e (cuid dhen) tuath fhèin an tighearna?
Les mer

Produktdetaljer

ISBN
9781913025663
Publisert
2021-08-19
Utgiver
Vendor
Luath Press Ltd
Aldersnivå
G, 01
Språk
Product language
Gælisk
Format
Product format
Heftet
Antall sider
120

Forfatter

Om bidragsyterne

Tha Aonghas Pàdraig Caimbeul à Uibhist a Deas, ged a chuir e seachad a bhliadhnachan mar dheugaire air Eilean Shaoil, deas air an Òban. Chaidh e gu Àrd-sgoil an Òbain far an robh Iain Mac a’ Ghobhainn ga theagasg. Às dèidh ceumnachadh le Urram ann am Poilitigs agus Eachdraidh o Oilthigh Dhùn Èideann dh’obraich e mar neach-naidheachd agus mar chraoladair. Tha e air grunn leabhraichean a sgrìobhadh. Nam measg, an nobhail ‘An Oidhche Mus do Sheòl Sinn’, an cruinneachadh bàrdachd ‘Aibisidh’ a choisinn Duais Leabhar Bàrdachd na Bliadhna an Alba ann an 2011, agus an nobhail Bheurla ‘Memory and Straw’ a choisinn duais Leabhar na Bliadhna aig Duaisean Litreachais Saltire ann an 2017. A bharrachd air an eadar-theangachadh seo dhen leabhar aig Seòras Orwell (‘Animal Farm’) tha e cuideachd an-dràsta a’ sgrìobhadh na dàrna nobhail mu dheidhinn ‘Constabal Murdo’ agus nobhail ùr Bheurla, Electricity.

Rugadh Seòras Orwell, no Eric Artair Blair mar a bh’ air, air 25 Ògmhios 1903 ann an taobh sear nan Innseachan, mac searbhanta catharra Ìmpireachd Bhreatainn. Fhuair e foghlam ann an Sasainn, agus nuair a dh’fhàg e sgoil Eton, ghabh e dhan Phoileas Innseanach Ìmpireil ann am Burma, a bha na choileanaidh de Bhreatainn aig an àm. Leig e seachad a dhreuchd ann an 1927 a’ cur roimhe a bhith na sgrìobhadair. Ann an 1928, chaidh e a Pharis ach dh’fhaillich air a bheò-shlaint a chosnadh le sgrìobhadh agus bha aige ri grunn obraichean suarach a ghabhail. Dh’innis e mar a thachair dha an sin na chiad leabhar, Down and Out in Paris and London, a chaidh fhoillseachadh ann an 1933. Ghabh e an t-ainm Seòras Orwell dìreach mus tàinig an leabhar a-mach. Nochd a’ chiad nobhail aige, Burmese Days, ann an 1934. Ged a bha e na anarcach aig deireadh nan 1920an thòisich e a ’ smaoineachadh air fhèin mar shòisealach anns na 30an. Ann an 1936 chaidh fhastadh gus cunntas a sgrìobhadh air bochdainn nam mèinnearan a bha gun chosnadh ann an ceann a tuath Shasainn, a nochd fon ainm The Road to Wigan Pier (1937). Aig deireadh 1936 shiubhail Orwell dhan Spàinn a shabaid air taobh nam Poblachdach an aghaidh Franco agus na Faisistich. Thàinig air teiche le bheatha bho Chomannaich Shòibhiatach a bha a’ gabhail smachd air sòisealaich reubhlaideach eile. Bha e riamh às dèidh sin gu tur an aghaidh luchd-leanmhainn Stàilin.

Eadar 1941 is 1943, bha e ag obair air propaganda airson a’ Bhbc. Ann an 1943, chaidh e na neach-deasachaidh air an iris shòisealaich, Tribune, agus e a-nis trang na neach-naidheachd, a’ foillseachadh artaigealan, lèirmheasan is leabhraichean.

Ann an 1954, nochd Animal Farm, samhla-sgeul poilitigeach stèidhichte air tuathanas ach mu dheidhinn mar a bhrath Stàilin Aramach na Ruis. Choisinn e cliù dha Orwell agus airgead a rinn cinnteach nach biodh e bochd gu bràth tuilleadh. Thàinig Nineteen Eighty-Four, a sgrìobh Orwell air eilean Diùraidh, a-mach an ceann ceithir bliadhna. Bha an sgeul stèidhichte ann an deachdaireachd san àm ri teachd. Thug fiù an tiotal buaidh mhòr air daoine, agus dh’fhàs iomadh abairt bhon leabhar cumanta, leithid ‘Tha am Bràthair Mòr a’ cumail sùil ort’, ‘nuadh-chainnt’ agus ‘smuain dhùbailte’. Ach, mun àm seo bha slàinte Orwell a’ dol am miosad agus bhàsaich e leis a’ chaitheamh air 21 Faoilleach 1950